Bha Suipear Bàrdail againn ann an Talla Eaglais Westburn, Sràid Nelson, Grianaig air 18mh Gearran. Bha sinn ro thoilichte fàilte a chuir air ais air Frances Dunlop, a bh’ air innse dhuinn cho siubhlach roimhe mu bheathannan Màiri Mhòr nan Òran agus Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.
An turas sa, thug Frances seachad òraid le taisbeanadh air Màiri nighnean Alasdair Ruaidh. Buinidh Màiri do Ròghadal sna Hearadh, nighean Alasdair Ruaidh MacLeòid agus troimhe bha i ceangailte ri cinn-chinnidh na Leòdaich. Chuir i seachad a’ mhòr chuid de a beatha an Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach, fear an robh an ceann-cinnidh a fuireach, ach chaidh a fògradh air sgàth, ann am beachd cuid, bha i a’ molach fear de a chàirdean cus anns an dàn Luinneag MhìcLeòid.
Nas fhaide air adhart chaidh iarraidh oirre tilleadh a Dhùn Bheagain far an do bhàsaich i ann an 1674.
Bha Màiri am measg dòigh bhàrdachd ùr a nochd san 17mh linn, a chaidh an àite na bàird Gàidhlig clasaigeach agus bha a bàrdachd làn ìomhaigheachd. Tha “Marbhrann do Iain Garbh” agus “Mairead nan Cuiread”.