Clasaichean Gàidhlig Ionadail le ClannGàidhlig
Tha ClannGàidhlig air leth toilichte gu bheil sinn air clasaichean Gàidhlig a chur air bhonn aig ìrean luchd-tòiseachaidh agus eadar-mheadhanach / adhartach. Tha iad aig Àrainn Bhail’ Iain an Iar, Rathad na Beithe, Bail’ Iain, PA5 0BB. Cosgais £3 gach seachdain, pàighte gach teirm ro làimh; Dimàirt: luchd-tòiseachaidh is Diciadain: eadar-mheadhanach / adhartach. An dà chuid 7:00 gu 9:00f.
Tha na clasaichean air taic fhaighinn Bhòrd na Gàidhlig tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd.
Tachartasan ùra 2023 air fhoillseachadh, gliog an seo.
Cuairt Litir Ùr Seanachaidh
Cuirm Chiùil
Bha cuirm-chiùil againn le Fèis Phàislig, Còisir Ghàidhlig na Leargaidh Ghallda (anns an dealbh gu h-àrd), Neill Wood agus Alison O’Neil. Tha sinn air leth taingeil don h-uile duine a chuidich sinn le tachartas soirbheachail a chur air bhonn.
Clasaichean Seinn
Bha clasaichean seinn do luchd-ionnsachaidh Gàidhlig o chionn ghoirid, dealbh gu h-àrd. Thoiribh sùil air tachartasan gus am faic sibh na tha fa near dhuinn.
Duilleag Facebook
Tha sinn ro thoilichte gu bheil duilleag Facebook againn a-nis. Feuch gun lean sibh sinn agus gun sgaoil sibh fios mu dheidhinn.
Suipear Bàrdail 18mh Gearran 2017