Foghlam

an-arainn

Clann

O chionn ghreis, tha mòran adhartais cudthromach a tha toirt taic do dh’Fhoghlam Tro Mheadhain na Gàidhlig (FTMG) – aig cròileagan, bun-sgoil agus àrd-sgoil – agus an-dràsta tha ginealach ùr aig a bheil Gàidhlig na fìor pàirt den beatha làitheil

Tha FTMG na prìomh dhòigh fileantas a ruighinn ’sa chànan, gu h-àraidh airson clann aig nach eil freumhan Gàidhlig. Tha FTMG fosgailte do dhuine sam bith – le Gàidhlig no gun Ghàidhlig.

A rèir rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann o chionn ghoirid (cruth PDF), seo cuid de na buannachdan an lùib foghlam tro mheadhain na Gàidhlig:

  • Clann ann am foghlam Gàidhlig a’ dèanamh cho math no nas fheàrr na clann a tha air an oideachadh ann an aon chànan a-mhàin.
  • Tha cothrom aig daoine le dà chànan air litreachas, agus barrachd cothrom air sealladh is farsaingeachd an dà chànain.
  • Tha tuigse nas fheàrr aig daoine le Gàidhlig agus Beurla air mar a bhuineas iad do dhualchas na h-Alba.
  • Tha dà-chànanas a’ tairgsinn tòrr a bharrachd chothroman obrach.
  • Tha clann a tha air am bogadh ann an cànanan eadar-dhealaichte aig aois òg buailteach a bhith nas comasaiche, na tha daoine aig nach eil ach aon chànan, nuair a thig iad gu bhith ri iomadh gnìomh aig an aon àm.
  • Tha daoine le dà chànan nas fheàrr (san fharsaingeachd) air leughadh, agus tha e nas fhasa dhaibh cànanan eile ionnsachadh.

Anns an sgìre againn fhèin, bidh FTMG ri fhaighinn aig
Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg, Rathad Drumfrochar, Grianaig, PA15 4EQ.

Bidh FTMG ri fhaighinn aig cròileagan, bun-sgoil ’s àrd-sgoil ann an Glaschu. Seall air na làraich-lìn aig Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant airson tuilleadh fiosrachaidh.

Colaiste agus Oilthigh

Bidh mòran cothroman ann airson luchd-tòiseachaidh agus daoine aig a bheil cuid Gàidhlig mu thràth airson sgilean chànain leasachaidh às dèidh sgoil. Tha cùrsaichean ceuma gu leòir ann aig oilthighean air feadh Alba far a bheil Roinn Ceiltis no Gàidhlig.

Aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig ’san Eilean Sgitheanach (mar phàirt de OGE) faodaidh sibh cùrsaichean ceuma leantainn anns a’ Ghàidhlig agus Cuspairean Co-Cheangailte, a bharrachd air iomadh seòrsa cùrsa goirid anns a’ chànan agus ceòl. Tha cùrsaichean aig astar rim fhaighinn cuideachd.

Tha cliù math aig Colaiste Stow ann an Glaschu airson cùrsaichean Gàidhlig, far am bi cothrom air barantas SQA fhaighinn aig diofar ìrean.

Seall air na làraich-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Foghlam Inbhich

Bidh mòran chlasaichean Gàidhlig aig diofar ìrean a ruith anns an sgìre againn, a mhòr chuid a chuir air dòigh leis na comhairlean ionadail agus, gu tric, saor an asgaidh. Seall air an duilleag “Clasaichean Ionadail”.

Bidh clasaichean dhen aon seòrsa ri fhaighinn air feadh na dùthcha – seall air làrach-lìn LearnGaelic.

%d bloggers like this: