Naidheachdan

Suipear Bàrdail Disathairne 28mh Gearran 2026

Ceud mìle taing do Claire Frances MacNeil a thug seachad taisbeanadh air leth aig ar Suipear Bàrdail. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn bàrdachd, beatha agus òrain Dhòmhnuill Iain Nìll Eòin, Dòmhnall MacFhionghuin neo Am Bàrd Barrach. Neo “Rabbie” mar a bh’ aig cuid air.

Bha an tachartas seo an lùib Seachdain na Gàidhlig agus fhuair sinn taic o Bhòrd na Gàidhlig tro Maoin nan Tabhartas Beag.

Tachartasan 2025/26 air fhoillseachadh, gliog an seo.

Buill Chomataidh

Tha sinn a’ sireadh buill chomataidh. Ma tha ùidh no ceistean sam bith agad, sgrìobh thugainn aig fios@clanngaidhlig.org

Clasaichean Gàidhlig Ionadail le ClannGàidhlig

Tha ClannGàidhlig air leth toilichte gu bheil sinn air clasaichean Gàidhlig a chur air bhonn aig ìrean luchd-tòiseachaidh, eadar-mheadhanach agus adhartach. Tha iad aig Àrainn Bhail’ Iain an Iar, Rathad na Beithe, Bail’ Iain, PA5 0BB. Cosgais £5 gach oidhche, pàighte gach teirm ro làimh.

Thòisich clasaichean 2025/26 air 19mh Lùnastal 2025, cinn-latha air fad an seo.

Tha na clasaichean air taic fhaighinn Bhòrd na Gàidhlig tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd.

samhla_BnG

Tha sinn ro thoilichte gu bheil duilleag Facebook againn a-nis. Feuch gun lean sibh sinn agus gun sgaoil sibh fios mu dheidhinn.